SE The Shores of Loch Ness as ainm dhan CD ùr aig a' phìobaire Niall MacMhathain, a nochd o Mhacmeanmna o chionn goirid. (SKYECD49). Fhuair Niall oideachadh mar phìobaire na òige ann am Baile Ùr an t-Slèibh, on phìobaire ainmeil Iain MacDhùghaill, agus on Dotair Coinneach MacAoidh – fear aig an robh sàr eòlas air ceòl mòr. Chuir Niall seachad 11 bliadhna an Reiseamaid na Bànrigh (QOH), far an d'fhuair e brosnachadh gu leòr ann am pìobaireachd san fharsaingeachd. Leis an t
Cluinnear taobh eile dhe na tàlantan aig Niall air an CD ge-tà, agus se sin an comas aige air deagh phuirt ùra a chruthachadh. Cluinnear fichead dhiubh de dh'iomadh seòrsa air an CD. Còmhla riutha, cluinnear feadhainn de na puirt ainmeil a chruthaich
na sàr phìobairean mar Uilleam Ros, Iain MacColla agus Uilleam Labhraidh.
Tha an CD a' tòiseachadh le trì caismeachdan ann an 3/4, Angela's Wedding le Iain Moireasdan on Bhac, MacGriogair Ruadhshruth, agus Jimmy MacKenzie, Stornoway le Anndra Venters. Cluinnear anns a' bhad cluichd a tha grinn agus ceòlmhor, agus nach eil air a thruailleadh leis a' "mheurachd bhrèige" 's na cleasan eile a tha air fàs cho fasanta.
Tha faireachdainn gu math Gaidhealach mun phort aig Niall on tàinig ainm an CD. Se e fhèin cuideachd a rinn an còrn-phìoba beòthail The Beating Zone a tha ga leantail. Tha dà phort singilte Buain na Rainich agus Cailleach an Dùdain a' cur crìoch air an t-seat seo, le chèile nan deagh eisimpleirean air mar bu chòir puirt dhen t-seòrsa a bhith air an cluichd. Tha aon phìos de cheòl mòr ri chluinntinn, agus se sin port cho ainmeil agus cho brèagha 's a th' ann – Cumha Màiri Nighean Alasdair Ruaidh le Pàdraig Òg MacCriomain. Do neach-èisteachd sam bith nach eil ro eòlach air ceòl clasaigeach na pìoba, se seo fear de na pìosan ciùil as ceòlmhoire a th' ann den ghnè-chiùil seo. Se taghadh math a bh' ann airson CD a tha fìor ealanta agus tlachdmhor.
Se People like me a thug Alyth air an CD ùr aice (Navigator33), air an cluinnear measgachadh de dh'òrain ann an Beurla 's ann an Gàidhlig. Tha a' chuid as motha dhe na h-òrain sa Bheurla ùr, nam measg an t-òran caran beòthail le Justin Currie on tàinig ainm an CD. Tha na còig òrain eile anns a' Bheurla air an seinn gu socair, le guth binn, brèagha, le faireachdainn a tha tighinn on chridhe.
Chan eil na h-òrain Ghàidhlig buileach cho soirbheachail, air adhbhar no dhà. Tha Nuair a Bha Mi Òg, mar eisimpleir, air a ghabhail gu math nas luaithe na tha àbhaisteach, gu ìre 's gu bheil e togarrach – rud nach eil idir a' tighinn ris na faclan. Tha A Mhairead Òg a' fulang air adhbhar gu math eadar-dhealaichte, ged a tha an t-seinn grinn. Se sin gu bheil criomag bheag de cheòl a chluinnear mun tòisich an t-seinn, an uair sin air a cluichd uair is uair troimhe. Tha e coltach ri fonn a gheibhear air fòn nuair a bhios tu feitheamh freagairt, agus tha e a' tarraing aire an neach èisteachd gu tur on t-seinn. San fharsaingeachd cuideachd, chan eil fuaimneachadh nam faclan anns na h-òrain Ghàidhlig soilleir no cinnteach mar a tha iad anns an fheadhainn Bheurla. Tha an diofar eadar ìre na dhà gu math nochdar.
Chan eil DVDs sa Ghàidhlig ach gann. Mar sin tha a' chlann a bh' ann an clas 6/7 ann am Bunsgoil Phortrìgh an uiridh, gu mòr ri am moladh airson Dè an-Diugh (PPSDD01), an DVD agus CD a rinn iad fhèin agus an fheadhainn bheaga anns an Sgoil Àraich. Rinn a' chlann a bu shine an rannsachadh, agus thagh iad sreath de dh'òrain a bhiodh freagarrach do chloinn fo aois sgoile. A bharrachd air a sin, rinn iad an obair-theagaisg mun do thòisich filmeadh. Tha na h-òrain air an ceangal ri chèile air an DVD le sgeulachd gu math simplidh anns a bheil amadan is sreath de bheathaichean – uile air an sgeadachadh ann an èididhean gu math dathach. 'S iad tha coimhead spaideil. Tha na h-òrain rin cluinntinn air an CD cuideachd.
Tha na h-òrain gu lèir air an seinn gu sunndach às aonais taic, ann an gleus a tha gu tur iomchaidh dhan chloinn, agus tha a' Ghàidhlig aig na prìomh chleasaichean uabhasach soilleir, nàdarra. Mar sin tha e furasta do chloinn òga a bhith togail na th' air a ràdh. Tha a h-uile adhbhar aig na ghabh pàirt a bhith gu math toiliche len cuid obrach.
Gheibhear faclan nan òran air www.portree-pri.highland. school.uk, an làrach aig Bunsgoil Phortrìgh, agus gheibhear clàr an sin cuideachd gus an DVD/CD òrdachadh. Tha e a' cosg £10.