THA làrach lìonraidh shòisealta ùr do luchd ionnsachaidh na Gàidhlig ag adhbhrachadh connspaid am measg luchd dèanadais na cànain, a rèir na tha nochdadh air blogaichean 's bùird-bhrath.
Thèid mygaelic.com a chur air bhonn le Bòrd na Gàidhlig gu bhith 'na "portal" (prìomh àite fiosrachaidh) a chosgas £250,000.
Thathas a' dèanamh coimeasan eadar mygaelic.com agus làraichean sòisealta soirbheachail – leithid Facebook agus Bebo, f
ar am bi daoine a' tachairt ri "caraidean" air-loidhne agus a' tàladh feadhainn ùra le deilbh.
Ged a fhuair mygaelic.com fàilte aig luchd nam meadhanan Beurla a bhios a' cumail dlùth ri sanasan naidheachd a' Bhùird, dhòirt cuid a-mach dìobhairt searbh nimheil nam buidhnean poileataigeach Breatannach as glèidhtiche, a tha an aghaidh na Gàidhlig co-dhiù.
Ach sann á treas roinn nam meadhanan, mar gum biodh – na làraichean 's na blogaichean a tha riochdachadh saoghal Gàidhlig tha stèidhichte greis mhath air an eadar-lìon a-nis – a gheibhear na teagmhan as fhasa an tuigsinn.
Se an gearan as motha nach eil mòran feum air làrach shòisealta eile, oir tha làraichean lìonraidh Gàidhlig ann mar-thà, leithid Gaelic Online agus Abair Thusa, nach do chosg sgillinn ruadh don phoblachd.
Gabhaidh leithid Facebook obrachadh le Gàidhlig co-dhiù, gun chosgais sam bith.
Tha cuid a-mach air cho mì-fhreagarrach, leanabail, 's a tha an t-ainm "mygaelic.com", agus gum bi e 'na "rathad cosgail nach eil a' dol àite". Tha cuid eile ag ràdh nach eil Bòrd na Gàidhlig fosgailte gu leòr anns na dòighean maoineachaidh aige.
Tha e àbhaisteach farainmean a chleachdadh air an eadar-lìon, ach tha an gnàths a' cur iongnadh air a' Bhòrd, tha e coltach. Thuirt Ùisdean MacIllinnein ás leth a' Bhùird: "Chaidh tòrr a ràdh 's a sgrìobhadh mu dheidhinn mygaelic.com chun na h-ìre seo, 's gu h-annasach tha a' mhòrchuid dhen a-sin an dìomhaireachd, le daoine a' falach air cùl farainmean. Saoil car son? Tha e cuideachd a' cur iongnadh oirnn gu bheil uibhir de dhaoine cho mì-riaraichte, a rèir aithris agus blogs, mu rud nach do nochd fhathast, agus nach fhaca duine!
"Tha Bòrd na Gàidhlig ro dheònach deasbad agus conaltradh a dhèanamh ri neach sam bith mun obair aca, agus tha làn chuireadh aig duine sam bith tadhal air a' Bhòrd air son barrachd fhaighinn a-mach mu na tha na buill 's an luchd-obrach a' dèanamh."
Thèid mygaelic.com a chur air bhog air 3 no 4 Gearran le pàrtaidh mhòr ann an Ceàrnag Sheòrais, Glaschu.