Chomharraich Bòrd na Gàidhlig sàr sgoilearachd an Oll. Dòmhnall Meek á Tiriodh le urram ùr "Sàr Ghàidheal" aig tachartas ann an Ionad na Pìobaireachd ann an Glaschu feasgar Diar-Daoin. Cuideachd tha Comhairle nan Ealain air duais ùr a chur air bhonn 'na ainm, "Duais Dhòmhnaill Meek", do sgrìobhadairean Gàidhlig.
Thuirt Ùisdean MacIllInnein ás leth a' Bhùird: "Tha an obair a rinn Dòmhnall air Buidheann Comhairleachaidh an Riaghaltais (MAGOG) ann an 2001-2 fìor chudromach. Is è a thug dhuinn Bòrd na Gàidhlig ann an 2003.
"Tha Dòmhnall air a bhith a' cur gu
mòr ri leasachadh na Gàidhlig fad bhliadhnaichean, agus gu sònraichte ann an raon an fhoghlaim. Tha a chliù air aithneachadh fada 's farsaing, agus bidh buaidh aig a chuid ghnìomhan fad bhliadhnaichean air thoiseach oirnn.
"Tha sinn air leth toilichte gu bheil e deònach a cheanglan a chumail le Bòrd na Gàidhlig 's gum bi buaidh aige fhathast air na tha sinn a' dèanamh agus, tro ghliocas, a chomhairle 's a chuid fialaidheachd, gun tèid againn air ar rùintean son seasmhachd na Gàidhlig a dhaingneachadh."
Tha an t-Oll. Meek agus a bhean, Raonaid, a' fuireach san Eaglas Bhric, faisg air a' chanal far am faic e soithichean de gach seòrsa air a bheil e dèidheil. Tha e an dùil bhon a leig e seachad a dhreuchd mar Ollamh ann an Gàidhlig 's ann an Eòlas Albannach aig Oilthigh Dhùn Èideann ri dhol an sàs ann an togail bhàtaichean.