LEIS mar a tha prìs a' chonnaidh a' sìor èirigh, a' ghaoth a' sèideadh agus na stuadhan mòr-thimcheall a' beucadh, tha an sluagh sna h-Eileanan an-Iar a' tighinn mean air mhean chun a' cho-dhùnaidh gur e cumhachd ath-nuadhachail an t-slighe air adhart.
Canaidh iad gum bu chòir gun gabhadh beagan den chumhachd a tha 'nan lùib a chur gu feum, chan e mhàin anns an dachaigh ach cuideachd 'nan cuid obrach.
Ann an Siadar ann an Leòdhas tha Wavegen a' dol air adhart le sgeama a chosgas uile gu lèir oc
hd deug millean nota, eadar port ùr agus balla fasgaidh, gus cumhachd a thoirt ás na stuadhan. Tha Urras Ceann a-Tuath na Hearadh an sàs ann an sgrùdadh air comasan cumhachd san sgìr aca fhèin. 'S tha Comann Coimhearsnachd Uibhist a-Tuath air rannsachadh a chur air chois gus beachdachadh air gu dè na dòighean sam faodar cumhachd ath-nuadhachail a chur gu feum san eilean acasan.
Aig coinneamh ann an Loch nam Madadh thuirt Aonghas Robasdan bho RD Energy Solutions, "Bhiodh e comasach trì muilnean gaoithe a thogail – ann an Griomasaigh, Solas agus aig Criongrabhal faisg air Clachan na Lùib – a chruthaicheadh dealan a chumadh cumhachd ri mìle dachaigh. Dh'fhaodte an còrr a reic ris a' ghrid nàiseanta, oir chan eil anns an eilean ach 750 taigh. Ach feumar càbaill a chur thairis a' Chuain Sgìth gus sin a choileanadh."
Aig toiseach nan ochdadan chaidh mòran chraobhan a chur aig bonn a' Chrògaire, anns a' mhòintich a-mach bho Cheann Tràigh Bhàlaigh agus aig Beinn a' Charra, agus tha iad a-nis air tighinn gu ìre. Tha Tormod MacIain, a tha 'na bhall den chomhairle, ag ràdh, "Tha eòlaichean den bharail gum faodar feadhainn dhiubh a leagail agus am bleith 'nan sgealban, neo an gearradh 'nan cnagan agus an losgadh gus cumhachd a chruthachadh."
Chuala na buill gu bheil rannsachadh a' dol air adhart gus deanamh a-mach a bheil e comasach feamainn a losgadh airson cumhachd, agus gu dearbha tha i ri faotainn ann am pailteas air na cladaichean air an taobh an-iar.
Dh'innis Aonghas Robasdan gun toir e sia neo seachd de bhliadhnachan na planaichean a thoirt gu buil, ach se obair latha tòiseachadh, agus dh'aontaich na bha an làthair gu h-aon-ghuthach a dhol air adhart leis an rannsachadh air cumhachd ath-nuadhachail.