Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

Drink Driving, Don't Risk It!

Clasaig ùr: na h-òrain mhóra aig Mairghread á Muile

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 20 June 2009
CHAN ann a h-uile latha, neo fiùs bliadhna, a tha làn leabhar ùr againn o Chomann nan Teacs Gàidhlig, an Scottish Gaelic Texts Society. Tha na rinn iad den bhàrdachd aig Iain MacCodrum, Donnchadh Bàn agus Iain Lom, mar eisimpleir, 'nan clasaigean móra. Ach tha iad seo coltach ri carraighean cuimhne cloiche, a' coimhead sìos ás na h-àirdean air na deicheadan a thug gu bith iad: na 30an, na 50an, na 60an.
Seo a-nis clasaig ar deichead fhìn: Colm Ó Baoill, Mairghread Nighean Lachlainn: Song-Maker of Mull (ri fhaotainn o Chomhairle nan Leabhraichean, £25). Tha Ó Baoill an cunnart gun téid carragh cuimhne cloiche suas dha fhéin uaireigin, oir tha e 'na s
goilear dìcheallach mionaideach, agus seo an treas leabhar a dheasaich e don Chomann, gun luaidh air teacsaichean a chuir e mach fo bhrataichean eile. Ach cha chòrd cainnt mar siud ris, oir tha e 'na dhuine iriosal.

Tha sreath de dh'òrain mhóra san leabhar, còmhla ri ro-ràdh susbainteach, eadar-theangachaidhean gu Beurla, notaichean, fuinn, agus nì ùr – na h-òrain mar a tha iad anns na làmh-sgrìobhainnean. Tha seo a' gabhail àite nan liostaichean gun chrìoch de "dhiofar leughaidhean" a gheibhear ann an cuid a leabhraichean sgoilearach den t-seòrsa. Tha diofar leughaidhean o leabhraichean clò-bhuailte anns na notaichean.

Seach gu bheil an leabhar seo ùghdarrasach – am facal mu dheireadh, bithear an dòchas – tha e inntinneach faicinn ciamar a tha e déiligeadh ris na ceistean as motha a bhuineas ris a' bhana-bhàird chudromaich seo.

An toiseach, cuin a bha i beò? Se an fhreagairt "c. 1660 gu post 1749". Ach se glé bheag fios a th' againn air a beatha.

An uair sin, an robh i 'na Leathanach no 'na Dòmhnallach? Bha seo 'na adhbhar connspaid uaireigin. A réir Ó Baoill ma-thà, chan eil fianais mhath ann gum buineadh i do Chlann Dòmhnaill air taobh seach taobh.

Cia mheud dàn a th' againn uaipe? Tha Iain MacCoinnich, a dheasaich Sàr Obair nam Bàrd ann an 1841, a' cumail a-mach gum fac' e 25 dhiubh sgrìobhte. Ma chunnaic, tha tòrr air chall, oir chan eil aig Ó Baoill ach 11.

Agus tha ceist chudromach ann a bhuineas do dh'eachdraidh litreachas na Gàidhlig. Dé as coireach gum bu bheag air MacCoinnich na dàin seo? Thuirt e gun robh e "blind to any poetic grandeur" annta. Seo freagairt Ó Baoill: "If … participation in her audience's culture required not the 'poetic grandeur' deemed wanting in her verse by John Mackenzie, but the deft and musical handling of the metonymical and metaphorical conventions of the panegyric code and the 'well-wrought, memorable phrase', Mairghread nighean Lachlainn's surviving works are an important element of seventeenth/eighteenth-century Gaelic poetry."

Tha seo a' seachnadh na cùise. Tha mise a' faicinn an t-uabhas "mórdhalachd" sna dàin seo cho math ris na feartan eile a tha Ó Baoill ag ainmeachadh. Gu eisimpleir a ghabhail air thuaiream, dé nach eil "mór" mu dheidhinn seo, anns a' mharbhrann a rinn i do Shir Eachann MacillEathain? "Ormsa thàinig an t-ànradh / 'N tùs geamhraidh na gaillinn – / Na h-eich ghorma agus dhubha / Gur bruthadh 's gur prannadh / 'S nach tug iad do dh'Ì thu / Mar ri sinnsreachd do sheanar, / Far 'n robh fuil nan seachd rìghrean / Den fhìonfhuil bu ghlaine."

Ged nach eil mi buileach riaraichte mun phuing sin, tha mi uabhasach toilichte leabhar den t-seòrsa seo fhaicinn far a bheil làn suim air a toirt do cheistean a bhuineas ri litreachas cho math ri eachdraidh, cànain, ceòl agus meadarrachd. Air son sin tha againn ri taing a thoirt do dh'Iain MacAonghuis, a thug dhuinn, ann an "cod na bàrdachd", an t-slat leis an tomhaisear i.





Page 1 of 1

  • Last Updated: 19 June 2009 9:33 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
1

Iain Mac,

20/06/2009 09:33:20
srann...........
2

Iain Mac,

20/06/2009 09:51:47
Nothing about Nos Ur?

Na Gaidheil a' coimhead air ais a-rithist.
3

Golden Boyd,

Glaschu 21/06/2009 20:59:35
#1 &2
Tha tuileadh 's a chòrr leirmheasan air leabhraichean ùr-nòsach Ùr-Sgeul ri faicinn anns na paipearan. Cia am fath a bhith a' gearrainn gu bheil leabhar ùr againn mu bana-bhàird ealanta a bhitheas feumail do sgoilearan, luchd-ciùil agus sgriobhadairean?
4

A.T.,

Dun Eideann 24/06/2009 23:30:42
Two questions:
Why is this book featured here when its 75% written in English? The review conveniently ignores this.

An English book featuring old Gaelic songs - hardly gets the blood stirring. Srann indeed - # 1 Iain Mac - I agree with you!

And is it really a 'classic' - or is it because it's by one of reviewer Ronald Black's old mates from Uni?!!



 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.