AN DÉIDH dà inneal niùclasach fheuchainn a-mach cho math ri ròcaidean a losgadh tha Korea a-Tuath a-nis ag ràdh gu bheil i a' cur a cùl ris a' chùmhnant a thug an cogadh sa cheann-tìre gu crìoch ann an 1953.
THA MG Alba gu bhith a' toirt taic do dh'fharpais Cupa an Dùbhlain aig Lìog Ball-Coise na h-Alba air son bliadhn' eile.
NOCHD Aung San Suu Kyi, ceannard a' phàrtaidh shluaghfhlaithich, sa chùirt ann am Myanmar (Burma). Tha i 13 bliadhna a-nis fo g
hlais taighe aig an riaghaltas airm. Bha i an dùil gun leigte mu sgaoil i gus an do nochd Ameireaganach, John Yettaw, aig a bheil trioblaid inntinne, san taigh aice. Ghabh na h-ùghdarrasan seo mar leisgeul a cur an greim a-rithist.
THA coinneamh fiosrachaidh gu bhith san Alexandra Hotel, An Gearastan, mun bhuidhinn "Altram" (cròileagan do chloinn as òige) air 11 Ògmhios aig 7.30.
THA dusan bhall-pàrlamaid Westminster a-nist ag ràdh nach seas iad a-rithist, cuid dhiubh an dèidh gabhail ri athchuingean on t-sluagh a tha iad a' riochdachadh.
CHAIDH aon bhìobhair deug á Nirribhidh a leigeil mu sgaoil ann an Cnapadal fo sgeama gus am beathach seo, a bha beò gu nàdarra an Alba 400 bliadhna air ais, a stèidheachadh as ùr. Tha sgeamaichean den t-seòrsa seo air a bhith soirbheachail le eòin leithid a' chapaill-choille, ach seo a' chiad turas a thugadh beathach sineach a-staigh a-rithist.