Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


'Gairm', Somhairle, Mòr a rinn 'Griogal Cridhe' agus sgeulachdan bàis

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 06 June 2009
CHO luath 's a thàinig Aiste 2 (Roinn Cheiltis Oilthigh Ghlaschu, £12) thugam sa phost feumaidh mi aideachadh gum b' i aiste Raghnall MhicilleDhuibh a' chiad tè a leugh mi le mo bhracaist, oir bha i an dà chuid inntinneach agus èibhinn. Sa chunntas seo – an aon tè sa Ghàidhlig – tha e a' beachdachadh air gach gnè sgrìobhaidh a dh'fhoillsicheadh ann an Gairm rè lethcheud bliadhna. Theab mi tachdadh air pìos tost nuair leugh mi beagan de na sgrìobh Fionnlagh Dòmhnallac
Tha còig aistean san dàrna àireamh seo de Aiste, ceithir sa Bheurla, ach chan eil sin 'na adhbhar gearain dhòmhsa. Bu chòir do dh'aistean cho susbainteach seo a bhith so-thuigsinn le luchd na Beurla cuideachd.

Ann an 1940 thug Somhairle MacGill-Ea
in seachad òraid do Chomann Gàidhlig Ghlaschu – òraid nach robh an clò gu ruige seo. Chuir e "Five Gaelic poems" 'nan co-theacsan sgìreil, nàiseanta agus Eòrpach: 'Birlinn Chlann Raghnaill', 'Òran Mòr MhicLeòid', 'Beinn Dobhrain', 'Òran Eile' le Uilleam Ros, agus 'Griogal Cridhe'.

Se bean Ghriogair MhicGriogair (Mòr Chaimbeul) agus a cuid bhàrdachd cuspair na h-aiste aig Kate Louise Mathis.

Rud eile nach deach an clò roimhe seo, se an ro-ràdh a sgrìobh Douglas Young airson An Cuilithionn aig Somhairle MacGill-Eain. Rinn Emma Dymock sgrùdadh air an ro-ràdh seo, far an duirt Young gu robh An Cuilithionn coltach ri roi-cheòl no overture do gach dàn a rinn Somhairle 'na dhèidh.

Mu dheireadh, tha Tòmas Clancy a' toirt sùil air aideada (sgeulachdan bàis) nan Ultach ann an làmh-sgrìobhainn san Leabharlann Nàiseanta, 's e den bheachd gur e seòrsa de cho-chruinneachadh a th' anns an LS seo. Agus gu bheil pàtran ann cuideachd – gun do mharbh neach A neach B, 's an uair sin mharbh neach B neach C, 's mar sin air adhart.





Page 1 of 1

  • Last Updated: 06 June 2009 12:13 AM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.