NOCHD co-dhiù millean duine air sràidean Tehran, agus chaidh ochdnar a mharbhadh le feachdan an riaghaltais, ann an taisbeanaidhean an aghaidh Mahmoud Ahmadinejad, a chaidh a ghairm 'na cheann suidhe air Iran a-rithist an déidh taghadh a bha, ann am beachd móran, mealltach. Sna làithean ron taghadh chuir Iran casg air conaltradh eadar-lìn, ach tha cuid de luchd taic Mir-Hossein Mousavi fhathast a' cleachdadh làraichean leithid Twitter gus naidheachdan a sgaoileadh.
THA Iomairt Chaluim Chille a' toirt a' chothrom do Ghaidhil na h-Alba 's na h-Éireann beagan de na cànanan aig càch-a-chéile ionnsachadh air an t-samhradh seo aig Sabhal Mór Ostaig agus aig Ionad Chaluim Chille ann an Ìle. Tha taic airgid ga tairgse
air son cosgais nan cùrsaichean 's cuid-oidhche (cóig oidhche), faicibh www.colmcille.net.
NOCHD na cosgaisean aig buill phàrlamaid air làrach lìn Taigh nan Cumantan, ach bha tòrr den fhiosrachadh as mionaidiche air a dhubhadh ás "air adhbharan tèarainteachd" – an dearbh sheòrsa fiosrachaidh a nochd san Daily Telegraph mar-thà. Tha seo air an deasbad feargach mun chuspair ath-lasadh.
THA an iomairt thurasachd "Cearcaill na Gàidhlig" a' tairgse rùm sanasachd an-asgaidh air an làraich-lìn aca (www.gaelic-rings.com) do ghnìomhachasan beag no mór anns na h-eileanan 's air taobh siar na Gaidhealtachd. Cuir fios gu business@gaelic-rings.com.
FHUAIR riochdair òg filmichean á Uibhist a-Tuath, Ùisdean Moireach, cuireadh gu féisean film air an t-samhradh seo ann an Korea a-Deas agus anns an Eilbheis air neart Siùbhlachan, a bhuannaich farpais "FilmG 2008". Chithear Siùbhlachan air www.uisdeanmurray.com.
THIG dualchas 300 bliadhna gu crìoch an-diugh nuair dhùineas Colaiste Scotus, sgoil trèanaidh nan sagairtean. Bho seo a-mach bidh aig "adhbharan sagairt" òga á Alba ri dhol dhan Ròimh.